Strathspey Connections

Strathspey Connections is an all-pervading audio-visual and musical synthesis which, through professional live performance coupled with an outstanding audio visual component, demonstrates and celebrates the fascinating life of the Nova Scotia Scottish Gael from the origins of Gaelic society in Scotland to the present-day revitalization and reclamation of Gaelic language and culture in Nova Scotia. This show will be performed at the Strathspey Performing Arts Centre in Mabou, NS, Thursday evenings at 7:30PM, from July 27th through to August 17th, 2017.

A professional audio visual presentation is embedded in the delivery of this story. The story, supported by narration, will draw the audience in and will take the heartache, joy, gratitude, piousness, honor and destitution of the Nova Scotia Gael and present a story like no other with perfect honesty and authority.

The song, literary word and instrumental pieces have immediate, unquestionable connection to Nova Scotian Gaels. Performance pieces were written and composed by these historical, local Gaels as they journeyed to fresh life, as they settled into a new world that would become the future for their descendants. The fiddling, dancing and piping styles incorporated into the musical component of this production feature those most traditional forms that have been so preciously maintained over the last number of centuries.

“Strathspey Connections” will be playing Thursday evenings at 7:30PM, from July 27th through to August 17th, 2017 at the Strathspey Performing Arts Centre which is located at 11156 Route 19 Mabou, Nova Scotia. The tickets are $35 for adults, $25 for youth and are available at www.strathspeyplace.com. For more information, check out Strathspey Performing Arts Centre’s Facebook event at www.facebook.com/StrathspeyPerformingArtsCentre.

“It is a storyline that is devastating to think of, but one that fosters such pride in the people of Gaelic Nova Scotia” says Tracey MacNeil, the Executive Director for the Strathspey Performing Arts Centre. “The Gael’s were triumphant – their culture is engrained in the soul and is still alive on Cape Breton Island and in other rural communities of Nova Scotia.  Against all odds, this is remarkable!  This distinctive spirit of the unique Gaelic heritage has been the lifeline for many – the lifeline that must be preserved, nourished and instilled so as to ensure its survival for generations to come.”

 


 

’S e a th’ ann an “Ceanglaichean Shrath Spé” cruinneachadh fuaime-léirsinneach is ciùil thro dhèanadas driachdail an àrd-ùrlair cuide ri co-phàirt fhuaime-léirsinneach air leth math, a bhios a’ taisbeanadh agus a’ cumail suas beatha nan Gàidheal an Albainn Nuaidh – aig a bheil tùsan ann an comunn nan Gàidheal an Albainn – suas gu ath-bheòthachadh agus ath-bhuannachadh cànan agus cultur nan Gàidheal an Albainn Nuaidh ’s an là an diugh.  Bidh am prógram seo ann aig Ionad Ealain Shrath Spé ann am Màbu, AN, feasgraichean Di-ardaoin’ aig 7:30 f, bho’n 27mh dhen Iuchar chon an 17mh dhen Lùnasdal, 2017.

Tha taisbeanadh fuaime-léirsinneach driachdail ann an lùib innseadh na sgialachd seo.  Tarruingidh an sgeulachd, thro aithrisiche, an luchd-éisdeachd a-staigh agus bheir i leatha briseadh-cridhe, aighear, taingealachd, cràbhadh, onar agus airc Ghàidheil na h-Albann Nuaidhe, a’ taisbeanadh sgeòil gun choimeas le fìrinnteachd agus ùghdarrachd.

Tha ceangal làidir aig na h-òrain, an litreachas agus na pìosan ciùil ri Gàidheil na h-Albann Nuaidhe.   Chaidh na pìosan ciùil agus an litreachas seo a dhèanadh – mar a rinn iad imrich gus dòigh-bheatha ùr a bhonntachadh – le Gàidheil ionadail a bha beò is iad a’ tuineachadh ann an saoghal ùr a thigeadh gu bhith ’na àite dhan àm a thig airson an sliochd.  Seallaidh stoidhlichean na fìdhleadh, na pìobadh agus an dannsaidh air am fighe ’s a’ cho-phàirt chìùil dhen chuirm-chiùil seo na fìor nòsan a chaidh an gléidheadh gu cùramach thar nam beagan linntean a dh’fhalbh.

Bidh “Ceanglaichean Shrath Spé” a’ ruith, feasgraichean Di-ardaoin’ aig 7:30 f, bho’n 27mh dhen Iuchar chon an 17mh dhen Lùnasdal, 2017 aig Ionad Ealain Shrath Spé aig 11156 air Rathad 19 ann am Màbu, Alba Nuadh.  Tha tiocaidean $35 am fear airson inbhich is $25 am fear airson ògraidh ri fhaighinn aig www.strathspeyplace.com.  Airson tuilleadh fiosrachaidh, dèanaibh tadhal air tachartas Ionad Ealain Shrath Spé air Làrach nan Aodann aig www.facebook.com/StrathspeyPerformingArtsCentre

“’S e naidheachd air leth drùidhteachd a th’ ann nuair a smaoinicheas tu oirre, ach té a bhios a’ riochdachadh bòsd anns na daoine aig a bheil friamhan ann an dualchas Gàidhealach na h-Albann Nuaidhe”, thuirt Treasag NicNìll, ban-cheannard do dh’Ionad Ealain Shrath Spé.

“Bhuannaich na Gàidheil – tha an cultur aca ’ga fhìor stéidheachadh gu smior agus brìghmhor air Eilean Cheap Breatainn agus ann an coimhearsnachdan dùthchail eile an Albainn Nuaidh.  An aghaidh an t-srutha, tha seo ’na mhiarailt gu h-iomlan!  ’S e an spiorad àraid seo dhen dhualchas Ghàidhealach shònraichte a th’ air a bhi ’ga chunntas prìseil is cudtromach do mhóran – dualchas a dh’fheumas a bhi gléidhte, biadhta agus stéidhichte gus am bi sinn cinnteach gun seas e gu linn nan linntean.”

Special thanks to Gaelic Affairs for the Gaelic translation.

latest news